Leughaibh am brath-naidheachd seo ann am Beurla Ghallda no English.
’S e tachartas bliadhnail a th’ ann an Liet Eadar-nàiseanta far am bi seinneadairean is còmhlain chiùil bho air feadh na h-Eòrpa a’ farpais feuch cò aig a tha an t-òran as fheàrr ann am mion-chànan Eòrpach. Thèid tachartas na bliadhna sa a chumail ann an Oldenburg sa Ghearmailt air Dihaoine 12 Dùbhlachd 2014. Bidh an fharpais ioma-chànanach seo a’ tarraing sheinneadairean bho air feadh na h-Eòrpa bho dhùthchannan leithid Nirribhidh, A’ Ghearmailt, An Eadailt agus An Òlaind agus bidh luchd nam meadhanan a’ gabhail ùidh mhòr ann.
Thathar a-nis ag iarraidh air seinneadairean is còmhlain aig a bheil Beurla Ghallda no Gàidhlig òran a chur a-steach ann an aon den dà chànan sin, feuch an tèid an roghnachadh gus pàirt a ghabhail san tachartas san Dùbhlachd. Faodaidh daoine stoidhle ciùil sam bith a roghnachadh, fhad ’s a tha an t-òran air ùr-sgrìobhadh agus nach eil e air a bhith air fhoillseachadh no air a ghabhail gu fada is farsaing ron fharpais.
Faodaidh luchd-ciùil aon òran a chur a-steach eadar 3-24 Dàmhair 2014. Roghnaichidh pannal de dh’eòlaichean bho Alba Chruthachail, BBC ALBA/Alba agus bho ghnìomhachas a’ chiùil aon òran a bhios a’ riochdachadh an dàrna cuid Gàidhlig no Beurla Ghallda aig an tachartas. Gheibh an luchd-ciùil suas ri £2,000 airson nan cosgaisean a bhios ann dhaibh gus a dhol chun an tachartais (plèana, àite-fuirich, cuid oidhche).
Gus cur a-steach air a shon tadhlaibh air www.lietsong.scot far am faigh sibh am fiosrachadh a tha a dhìth gus foirm-iarrtais a lìonadh agus far an iarrar oirbh mp3 den òran agaibh agus na faclan is eadar-theangachadh a chur a-steach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Liet Eadar-nàiseanta tadhlaibh air:
www.liet-international.com/nieuws/liet-international-2014-in-oldenburg-germany
’S e iomairt a tha seo a tha faighinn taic bho Alba Chruthachail a tha ag obair an co-bhuinn ri BBC ALBA/Alba, Hands Up for Trad agus Liet Eadar-nàiseanta.
CUMHACHAN IS CÙMHNANTAN
- Fosgailte do luchd-ciùil a tha stèidhichte ann an Alba no a rugadh ann an Alba, ach a-mhàin luchd-obrach Alba Chruthachail, BBC ALBA/Alba, Hands Up for Trad agus na dlùth-chàirdean aca, na h-àidseantan aca agus neach sam bith aig a bheil ceangal proifeiseanta ris an iomairt seo.
- Chan fhaod luchd-ciùil a bhith fo chùmhnant aig prìomh fhoillsichear ciùil no companaidh chlàran
- Feumaidh gach neach-ciùil a bhith 18 no nas sine
- Bidh aig an neach-/luchd-ciùil a thèid a roghnachadh ri cluich/seinn san fharpais dheireannaich ann an Teatre Kulturetage, Odenburg, A’ Ghearmailt air 14 Dùbhlachd 2014, agus thèid an neach/na daoine a bhuannaich ainmeachadh air an oidhche sin.
- Gus an t-òran agaibh a chur a-steach lìonaibh an ceisteachan airson luchd-ciùil le bhith tadhal air: www.lietsong.scot
- Chan fhaod gach seinneadair/còmhlan ach aon òran a chur a-steach
- Cha ghabhar ri òrain nach eil deiseil, nach gabh an leughadh/an cluinntinn ceart no a tha air an truailleadh, no ri feadhainn nach eil a’ cumail ris na cumhachan is cùmhnantan seo
- ’S e an ceann-latha airson òrain a chur a-steach, Dihaoine 24 Dàmhair 2014.
- Thèid an t-òran a bhios a’ dol air adhart chun na Farpais Deireannaich a roghnachadh ler pannal de dh’eòlaichean. Gheibh an neach/còmhlan a gheibh troimhe fios air a’ fòn no ann am post-d taobh a-staigh còig latha às dèidh a’ chinn-latha airson a bhith a’ cur òran a-steach.
- Bidh aig seinneadairean/luchd-ciùil ri pàirt a ghabhail ann an sanasachd sam bith a bhios ann gus an fharpais a chur air adhart.
- Ma chuireas luchd-ciùil a-steach airson na farpais, feumaidh iad a bhith deònach cluich beò aig an Fharpais Dheireannaich air Dihaoine 12 Dùbhlachd ann an Oldenburg, agus feumaidh cead a bhith aca siubhal dhan Ghearmailt airson cluich an sin.
- Ma thachras rudeigin ris nach robh dùil, tha a’ Bhuidheann a tha a’ cur na h-iomairt seo air dòigh a’ gleidheadh na còrach gus duais eile a thoirt seachad sa bheil an aon luach no barrachd na tha san duais a th’ ann an-dràsta.
- Cha bhi conaltradh ann eadarainn.
- Cleachdaidh a’ Bhuidheann a tha cur air adhart na h-iomairt seo am fiosrachadh pearsanta a gheibhear air adhbharan rianachd a-mhàin, agus chan ann air adhbhar sam bith eile, mura faigh sinn cead bhuaibh.
Chaidh HANDS UP FOR TRAD a stèidheachadh ann an 2002 agus e na amas dhaibh Ceòl Traidiseanta na h-Alba a chur air adhart agus a bhrosnachadh tro Fhiosrachadh, Fhoghlam is Thagraidhean. Leughaibh Tuilleadh
Follow these topics: Media