• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Home
  • Podcast
  • Contact Us
  • Shop

Hands Up for Trad

Scottish traditional music for all

  • Scots Trad Music Awards
  • Young Trad Musician
  • Hall of Fame
  • Seachdain na Gàidhlig
  • Tinto Summer School
  • More…
    • FolkWaves
    • Landmark Award
    • Hands Up for Musicians
    • A Life In Trad Music
    • Business Limelight Award
    • Ignition Award
    • Paths to Songs
    • Resources
    • Need Advice?
News > Scottish Gaelic Awards – The Results!

Scottish Gaelic Awards – The Results!

Chaidh Duaisean na Gàidhlig a thoirt seachad oidhche Mhàirt aig taigh-òsta a’ Mharriott ann an Glaschu.

Tha na duaisean airson aithne a thòirt do dh’iomairtean ‘s do dhaoine a tha ri mholadh ann an saoghal na Gàidhlig.

Nochd còrr is 200 aoigh aig cuirm nan duaisean, a tha a-nis san t-seachdamh bliadhna.

Thugadh seachad 11 duais uile gu lèir air caochladh chuspairean, le duaisean airson spòrs, cultair is foghlaim nam measg.

‘S e a’ chompanaidh foillseachaidh Acair a bhuannaich Sàr-Dhuais na Gàidhlig agus fhuair Rona Lightfoot duais shònraichte cuideachd.

Aithne

“Gu math tric, tha daoine ag obair gu saor-thoileach, agus chan eil iad a’ faighinn an t-seòrsa aithne airson na h-obrach tha iad a’ dèanamh,” thuirt ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllfhinnein

“Ach aig tachartas mar seo tha sinn a’ comharrachadh na h-obrach a tha daoine a’ dèanamh airson na Gàidhlig,” thuirt i.

Sàr-Ghàidheal

“Tha sinn a’ feuchainn ri comharrachadh agus ag aithneachadh na h-obrach a tha daoine a’ dèanamh,” thuirt bean an taighe Cathie NicDhòmhnaill a bha cuideachd air tè de na britheamhan.

“Chan ann a’ sireadh molaidh a tha iad, ach tha sinn ag ràdh gu bheil sinn a’ faicinn luach anns na tha sibh a’ dèanamh,” thuirt i.

Chuir an duais a chaidh a bhuileachadh oirre iongnadh air Rona Lightfoot.

“Cha robh dùil agam ri aon sian dheth seo,” thuirt i.

Chaidh an tiotail Sàr-Ghàidheal a bhuileachadh oirrese mar aithne air a h-uile càil a tha i air dèanamh na beatha fhèin ann a bhith a’ togail inbhe a’ chànain.

“Cha ann dhomhsa mar sin a tha e air fad idir ach do dh’Uibhist a Deas air fad o chionn càite an d’fhuair mi a h-uile sian a fhuair mi riamh ach air an eilean agam fhìn mar a channas mi ris.”

Toraidhean

Seo agaibh na geàrr-liostaichean agus cò a bhuannaich gach duais.

Duais airson taic do dh’ionnsachadh

Buannaiche: Alison Richardson agus Claire Dhòmhnallach

Cròileagan Grianach & Pàrant is Pàiste

An t-Oll. Stiùbhart MacLeòid agus Marcas Mac an Tuairneir

Duais Eaconomach na Gàidhlig

Buannaiche: Graficanna

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

An Duais airson Tachartas

Buannaiche: Urras Oighreachd Ghabhsainn

The Gathering Festival

An Duais Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd

Buannaiche: Marisa Dhòmhnallach & Sgoil an Rubha

Druim nan Linntean

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath

An Duais Ealain is Chultarach

Buannaiche: Whyte (Alasdair MacIlleBhàin is Ross MacIlleBhàin)

Pròiseact Dìleab

Scots Opera Project

An Duais airson Innleachdas ann am Foghlam Gàidhlig

Buannaiche: Dawn Nic a’ Phì

Alison Gael NicRath

East Ayrshire Leisure

An Duais Eadar-Nàiseanta

Buannaiche: Còisir Alba aig Eurovision

Catrìona NicIlleDhuibh

Tasglann Channaigh

Tosgaire Òg na Bliadhna

Lucy Hannah

Duais na Spòrs

Calum MacIlleathain

Sàr-dhuais na Gàidhlig

Acair

Sàr-Ghàidheal

Rona Lightfoot

Share this:

  • Share on Facebook (Opens in new window) Facebook
  • Share on X (Opens in new window) X
  • Share on Tumblr (Opens in new window) Tumblr
  • Email a link to a friend (Opens in new window) Email
  • Share on LinkedIn (Opens in new window) LinkedIn
  • Print (Opens in new window) Print
  • More
  • Share on Reddit (Opens in new window) Reddit
  • Share on Pinterest (Opens in new window) Pinterest

Primary Sidebar

Become a Friend of Hands Up for Trad and help us provide Scottish traditional music and cultural learning experiences for young people from across Scotland.

2nd May 2026

2nd May 2026

Listen to the latest Foot Stompin Scottish music podcast

  • E-mail
  • Facebook
  • Flickr
  • Instagram
  • Twitter
  • YouTube

Read about Hands Up for Trad in
  • Scots
  • Gaelic
  • English

FREE Heroes of Scottish Traditional Music E-Book

Subscribe to Hands Up for Trad newsletter and get a FREE E-Book

* indicates required

Thanks to Creative Scotland

Thanks to Creative Scotland
Hands Up for Trad, PO Box 3486, Glasgow G62 9DD · Log in