• Skip to primary navigation
  • Skip to main content
  • Skip to primary sidebar
  • Home
  • Podcast
  • Contact Us
  • Shop
  • Basket

Hands Up for Trad

Scottish traditional music for all

  • Scots Trad Music Awards
  • Young Trad Musician
  • Hall of Fame
  • Seachdain na Gàidhlig
  • Tinto Summer School
  • More…
    • FolkWaves
    • Landmark Award
    • Hands Up for Musicians
    • A Life In Trad Music
    • Business Limelight Award
    • Ignition Award
    • Paths to Songs
    • Resources
    • Need Advice?
Media > Liet – Farpais Eòrpach Eadar-nàiseanta airson Òrain Mhion-chànain

Liet – Farpais Eòrpach Eadar-nàiseanta airson Òrain Mhion-chànain

liet-logoLeughaibh am brath-naidheachd seo ann am Beurla Ghallda no English.

’S e tachartas bliadhnail a th’ ann an Liet Eadar-nàiseanta far am bi seinneadairean is còmhlain chiùil bho air feadh na h-Eòrpa a’ farpais feuch cò aig a tha an t-òran as fheàrr ann am mion-chànan Eòrpach. Thèid tachartas na bliadhna sa a chumail ann an Oldenburg sa Ghearmailt air Dihaoine 12 Dùbhlachd 2014. Bidh an fharpais ioma-chànanach seo a’ tarraing sheinneadairean bho air feadh na h-Eòrpa bho dhùthchannan leithid Nirribhidh, A’ Ghearmailt, An Eadailt agus An Òlaind agus bidh luchd nam meadhanan a’ gabhail ùidh mhòr ann.

Thathar a-nis ag iarraidh air seinneadairean is còmhlain aig a bheil Beurla Ghallda no Gàidhlig òran a chur a-steach ann an aon den dà chànan sin, feuch an tèid an roghnachadh gus pàirt a ghabhail san tachartas san Dùbhlachd. Faodaidh daoine stoidhle ciùil sam bith a roghnachadh, fhad ’s a tha an t-òran air ùr-sgrìobhadh agus nach eil e air a bhith air fhoillseachadh no air a ghabhail gu fada is farsaing ron fharpais.

Faodaidh luchd-ciùil aon òran a chur a-steach eadar 3-24 Dàmhair 2014. Roghnaichidh pannal de dh’eòlaichean bho Alba Chruthachail, BBC ALBA/Alba agus bho ghnìomhachas a’ chiùil aon òran a bhios a’ riochdachadh an dàrna cuid Gàidhlig no Beurla Ghallda aig an tachartas. Gheibh an luchd-ciùil suas ri £2,000 airson nan cosgaisean a bhios ann dhaibh gus a dhol chun an tachartais (plèana, àite-fuirich, cuid oidhche).

Gus cur a-steach air a shon tadhlaibh air www.lietsong.scot far am faigh sibh am fiosrachadh a tha a dhìth gus foirm-iarrtais a lìonadh agus far an iarrar oirbh mp3 den òran agaibh agus na faclan is eadar-theangachadh a chur a-steach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Liet Eadar-nàiseanta tadhlaibh air:
www.liet-international.com/nieuws/liet-international-2014-in-oldenburg-germany

’S e iomairt a tha seo a tha faighinn taic bho Alba Chruthachail a tha ag obair an co-bhuinn ri BBC ALBA/Alba, Hands Up for Trad agus Liet Eadar-nàiseanta.

  • Separate composers with commas.

CUMHACHAN IS CÙMHNANTAN

  1. Fosgailte do luchd-ciùil a tha stèidhichte ann an Alba no a rugadh ann an Alba, ach a-mhàin luchd-obrach Alba Chruthachail, BBC ALBA/Alba, Hands Up for Trad agus na dlùth-chàirdean aca, na h-àidseantan aca agus neach sam bith aig a bheil ceangal proifeiseanta ris an iomairt seo.
  2. Chan fhaod luchd-ciùil a bhith fo chùmhnant aig prìomh fhoillsichear ciùil no companaidh chlàran
  3. Feumaidh gach neach-ciùil a bhith 18 no nas sine
  4. Bidh aig an neach-/luchd-ciùil a thèid a roghnachadh ri cluich/seinn san fharpais dheireannaich ann an Teatre Kulturetage, Odenburg, A’ Ghearmailt air 14 Dùbhlachd 2014, agus thèid an neach/na daoine a bhuannaich ainmeachadh air an oidhche sin.
  5. Gus an t-òran agaibh a chur a-steach lìonaibh an ceisteachan airson luchd-ciùil le bhith tadhal air: www.lietsong.scot
  6. Chan fhaod gach seinneadair/còmhlan ach aon òran a chur a-steach
  7. Cha ghabhar ri òrain nach eil deiseil, nach gabh an leughadh/an cluinntinn ceart no a tha air an truailleadh, no ri feadhainn nach eil a’ cumail ris na cumhachan is cùmhnantan seo
  8. ’S e an ceann-latha airson òrain a chur a-steach, Dihaoine 24 Dàmhair 2014.
  9. Thèid an t-òran a bhios a’ dol air adhart chun na Farpais Deireannaich a roghnachadh ler pannal de dh’eòlaichean. Gheibh an neach/còmhlan a gheibh troimhe fios air a’ fòn no ann am post-d taobh a-staigh còig latha às dèidh a’ chinn-latha airson a bhith a’ cur òran a-steach.
  10. Bidh aig seinneadairean/luchd-ciùil ri pàirt a ghabhail ann an sanasachd sam bith a bhios ann gus an fharpais a chur air adhart.
  11. Ma chuireas luchd-ciùil a-steach airson na farpais, feumaidh iad a bhith deònach cluich beò aig an Fharpais Dheireannaich air Dihaoine 12 Dùbhlachd ann an Oldenburg, agus feumaidh cead a bhith aca siubhal dhan Ghearmailt airson cluich an sin.
  12. Ma thachras rudeigin ris nach robh dùil, tha a’ Bhuidheann a tha a’ cur na h-iomairt seo air dòigh a’ gleidheadh na còrach gus duais eile a thoirt seachad sa bheil an aon luach no barrachd na tha san duais a th’ ann an-dràsta.
  13. Cha bhi conaltradh ann eadarainn.
  14. Cleachdaidh a’ Bhuidheann a tha cur air adhart na h-iomairt seo am fiosrachadh pearsanta a gheibhear air adhbharan rianachd a-mhàin, agus chan ann air adhbhar sam bith eile, mura faigh sinn cead bhuaibh.

Chaidh HANDS UP FOR TRAD a stèidheachadh ann an 2002 agus e na amas dhaibh Ceòl Traidiseanta na h-Alba a chur air adhart agus a bhrosnachadh tro Fhiosrachadh, Fhoghlam is Thagraidhean. Leughaibh Tuilleadh

promobox_bigpic

Share this:

  • Facebook
  • Twitter
  • Tumblr
  • Email
  • LinkedIn
  • Pocket
  • Print
  • More
  • Reddit
  • Pinterest

Primary Sidebar

Become a Friend of Hands Up for Trad and help us provide Scottish traditional music and cultural learning experiences for young people from across Scotland.

Buy Tickets

Buy Tickets

Listen to the latest Foot Stompin Scottish music podcast

  • E-mail
  • Facebook
  • Flickr
  • Instagram
  • Twitter
  • YouTube

Read about Hands Up for Trad in
  • Scots
  • Gaelic
  • English

FREE Heroes of Scottish Traditional Music E-Book

Subscribe to Hands Up for Trad newsletter and get a FREE E-Book

* indicates required

Thanks to Creative Scotland

Thanks to Creative Scotland
Hands Up for Trad, PO Box 3486, Glasgow G62 9DD · Log in