This post was originally published here
Fèisean nan Gàidheal
Tuairisgeul-Obrach
Bun Fhiosrachadh
‘S i buidheann nàiseanta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, ag obair còmhla ri còrr is 46 Fèisean ionadail air feadh Alba, a’ toirt cothroim do dh’òigridh sgilean ealan Ghàidhlig ionnsachadh a bharrachd air obair ann am foghlam Gàidhlig agus tachartasan coimhearsnachd a ghabhail os làimh.
Tha sinn a’ sireadh Manaidsear Leasachaidh a’ ghabhas stiùir air Sgioba Leasachaidh na buidhne agus raon farsaing de ghnìomhan co-cheangailte ris a’ phrògraim a tha Fèisean nan Gàidheal a lìbhrigeadh.
Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an-sàs anns gach roinn de leasachaidhean na Gàidhlig agus nan ealain dùthchasach agus bidh an neach a shoirbhicheas ag obair aig àrd ìre anns gach raon obrach sa bheil sinn an sàs.
Ge b’ e càit’ am bi a’ Mhanaidsear Leasachaidh stèidhichte (àite ri dhearbhadh a rèir an tagraiche soirbheachail), bidh feum air siubhal aig amannan gu coimhearsnachdan air feadh Alba. Bidh an neach seo ag obair 35 uairean a thìde san t-seachdain gu h-àbhaisteach. Aig amannan bidh feum air uairean a bharrachd a dhèanamh agus gheibhear an ùine sin air ais tro shiostam TOIL na buidhne.
Tiotal: Manaidsear Leasachaidh
Àite: Port Righ no Inbhir Nis ach sùbailte a thaobh àite-obrach
Tuarastal: £38k – £43k
Ùine: Làn-ùine
Prìomh ghnìomhan na dreuchd seo
A’ coileanadh nam feumalachdan a leanas:
- A’ stiùireadh Sgioba Leasachaidh na buidhne
- A’ dèanamh measadh bhliadhnail le luchd-obrach agus a’ cur air dòigh targaidean dhaibh
- A’ cur air dòigh pròiseactan ann an co-bhonn leis an sgioba leasachaidh; a’ cur ri chèile iarrtasan airgid agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach pròiseact a’ ruith a rèir slatan tomhais an ionmhais nan lùib.
- A’ cur air dòigh tachartasan còmhnaidh cultarach leithid 5 Latha gach bliadhna
- A’ cur air dòigh gnìomhan iomchaidh a-rèir plana prògram Fhèisean nan Gàidheal agus cùmhnantan le buidhnean eile
- A’ stiùireadh na feise chiùil Bhlas leis a’ Cheannaird às leth Feìsean nan Gàidheal agus ag obair gu dlùth ri chunnradairean
- A’ gabhail stiùir air gnìomhan co-cheangailte ri pròiseact Amplify
- A’ cur ri chèile roinnean den Aithisg Bhliadhnail Fhèisean nan Gàidheal
- A’ toirt a-steach maoin airson pròiseactan ro-innleachdail agus a’ measadh an dòigh sa bheil pròiseactan gan ruith
- A’ measadh iarrtasan airson Stòras Leasachaidh Fhèisean nan Gàidheal
- A’ stiùireadh am pròiseact Fuaran le taic bho Oifigearan Leasachaidh
- Ag obair mar phrìomh oifigear do Fèisean
- A’ dèiligeadh ri steidheachadh Fèisean ùra
- A’ cur air dòigh pròiseactan eadar-Fèisean agus tachartasan taisbeanaidh
Gnìomhan eile
- Pàirt a ghabhail ann an tachartasan gan cur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal, m.e. Cruinneachadh agus Coinneamh Bhliadhnail na buidhne, seiseanan trèanaidh is eile
- Pàirt a ghabhail anns an t-siostam measaidh aig Fèisean nan Gàidheal
- Measadh cunbhalach a dhèanamh air pròiseactan agus fiosrachadh a thional airson cùmhantan a choileanadh
- A’ sgrìobhadh aithisgean adhartais cunbhalach airson coinneamhan den Bhòrd-stiùiridh
- Riochdachadh nam Fèisean agus Fèisean nan Gàidheal mar a bhios iomchaidh.
- Obair eile sam bith a thèid aontachadh bho àm gu àm taobh a-staigh crìochan na dreuchd seo
Sgilean pearsanta a tha a dhìth
- Bu chòir do thagraichean a bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig, le comas labhairt agus sgrìobhaidh aig àrd ìre. Bidh cothroman trèanaidh ri fhaotainn airson sgilean sgrìobhaidh a neartachadh mar a bhios iomchaidh.
- Tha sinn a’ sireadh tagradh bho dhuine sam bith aig a bheil eòlas, neo foghlam freagarrach, co-cheangailte ris an t-seòrsa obrach a tha seo
- Bu choir ùidh a bhith aig tagraichean ann an obair nam Fèisean agus anns na h-ealain Ghàidhlig
- Bu chòir comas a bhith aig tagraichean obair a chur air dòigh air an ceann fhèin, agus pròiseactan a thoirt air adhart, gun stiùir aig amannan.
- Bidh eòlas air obair ann an raon coimhearsnachd gu math feumail
- Bidh eòlas air obair coimpiutairean deatamach gu sònraichte prògraman Microsoft 365 ‘s bhiodh eòlas air Adobe Acrobat, InDesign, JotForm agus Photoshop buannachdail
- Bu chòir cead-draibhidh a bhith aig tagraichean.
Bidh an tuarastal a’ tòiseachadh eadar £38k agus £43k. Cuiridh Fèisean nan Gàidheal 5% de thuarastal a-steach gu sgeama peinnsein na buidhne agus bidh àrachas-beatha ann a bheireadh trì uiread den tuarastal don theaghlach agaibh nan caillear ur beatha fhad ‘s a tha sibh aig obair don bhuidhinn. Thèid cosgaisean co-cheangailte ris an dreuchd a phàigheadh a thuilleadh air tuarastal. Feumaidh an neach a shoirbhicheas a dhol tro dheuchainn mar bhall den sgeama PVG aig Fèisean nan Gàidheal.
Bidh sinn a’ sireadh na leanas bho thagraichean:
- Cunntas-beatha (CV) slàn (ann an Gàidhlig neo ann am Beurla)
- Foirm-iarrtais air a lìonadh leis an fhiosrachadh air fad a tha a dhìth
Cuiribh foirmean agus cunntas-beatha gu Anne Willoughby, Manaidsear Gnìomha, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a’ Mhill, Port-Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ neo air post-d gu anne@feisean.scot ro 5f, Dihaoine 23 Cèitean.
Airson cothrom conaltraidh gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun dreuchd, leigibh fios gu Calum Macmhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, air 01463 225559 no calum@feisean.scot
FEUMAIDH IARRTASAN A BHITH AGAINN RO 5f, DIHAOINE 23 CÈITEAN 2025.
Thèid agallamhan a’chumail air Dihaoine 30 Cèitean.
‘S e fastaiche co-ionnanachd chothroman a tha ann am Fèisean nan Gàidheal dealasach a thaobh Obair Chothromach
Tha Fèisean nan Gàidheal riamh air a bhith faiceallach a’ dèiligeadh ri fiosrachadh agus ga dhìon. Chithear fios mu phrìobhaideachd tron cheangal seo agus bu chòir dhuibh innse dhuinn mur eil sibh airson conaltradh rinn tro phost-d tuilleadh le bhith a’ cur freagairt don seòladh seo, no le fios a chur gu Oifigear Dìon-Dàta na buidhne tro dpo@feisean.org.