
Bòrd na Gàidhlig are sponsors of the MG ALBA Scots Trad Music Awards 2026 and are sponsoring Services to Gaelic. We asked them some questions about their company. If you would like to come to the MG ALBA Scots Trad Music Awards on 5th December in Paisley Lagoon Centre you can buy tickets here.
We asked Ruairidh Hamilton about Bòrd na Gàidhlig.
S e Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba ris a bheil e an urra cor na Gàidhlig a thoirt air adhart agus mar phàirt de sin bidh sinn a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig.
’S e ar n-amas gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.
– – – – – – – – – – – –
Bòrd na Gàidhlig is the principal public body in Scotland responsible for promoting Gaelic development, including providing advice to Scottish Ministers on Gaelic issues.
Our aim is that Gaelic is seen and heard on a daily basis across Scotland, such that it is widely recognised as an integral part of Scottish life and a national cultural and economic asset.
Chaidh an iomairt ‘Gach Latha’ a chur air bhog le Bòrd na Gàidhlig airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn le misneachd. Thathar airson ur brosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh gach latha, ann an dòigh sam bith as urrainn dhuibh, agus na dòighean anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn ann an coimhearsnachdan, aig an taigh, air-loidhne agus aig àiteachan-obrach a thaisbeanadh, le bhith a’ cleachdadh #GachLatha air na meadhanan sòisealta.
Lorgar barrachd fiosrachaidh agus goireasan air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig: Gàidhlig Gach Latha – Bòrd na Gàidhlig
– – – – – – – – – – – –
The Gach Latha (Every Day) campaign has been launched by Bòrd na Gàidhlig to inspire more people to use the language with confidence. They want to encourage you all to use the language every day, in whatever way you can and to showcase Gaelic being spoken in communities, at home, online, and in workplaces using #GachLatha on social media.
You can find more information and resources on the Bòrd na Gàidhlig website: https://www.gaidhlig.scot/en/gachlatha/
Visit the Bòrd na Gàidhlig website: https://www.gaidhlig.scot/gd/
Hosted by Scottish personalities Alistair Heather and Mary Ann Kennedy, the night will also welcome live performances from Valtos, Gnoss, Spodo Komodo, Sian, Rachel Groves and more. Buy your tickets here.
