• COMMUNITY
  • NEWS
  • Distil is a Hands Up for Trad project
  • SEND US YOUR VIDEOS!
  • CONTACT

Hands Up for Musicians

Scottish musicians expanding their creative horizons into other other areas of musical practice.

  • Home
  • Distil Showcase 2019
    • Showcase Archive
  • Opportunities
  • Resources
  • Take part!

Manaidsear Leasachaidh – Fèisean nan Gàidheal

Fèisean nan Gàidheal

Tuairisgeul-Obrach

Bun Fhiosrachadh

‘S i buidheann nàiseanta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, ag obair còmhla ri còrr is 46 Fèisean ionadail air feadh Alba, a’ toirt cothroim do dh’òigridh sgilean ealan Ghàidhlig ionnsachadh a bharrachd air obair ann am foghlam Gàidhlig agus tachartasan coimhearsnachd a ghabhail os làimh.

Tha sinn a’ sireadh Manaidsear Leasachaidh a’ ghabhas stiùir air Sgioba Leasachaidh na buidhne agus raon farsaing de ghnìomhan co-cheangailte ris a’ phrògraim a tha Fèisean nan Gàidheal a lìbhrigeadh.

Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an-sàs anns gach roinn de leasachaidhean na Gàidhlig agus nan ealain dùthchasach agus bidh an neach a shoirbhicheas ag obair aig àrd ìre anns gach raon obrach sa bheil sinn an sàs.

Ge b’ e càit’ am bi a’ Mhanaidsear Leasachaidh stèidhichte (àite ri dhearbhadh a rèir an tagraiche soirbheachail), bidh feum air siubhal aig amannan gu coimhearsnachdan air feadh Alba. Bidh an neach seo ag obair 35 uairean a thìde san t-seachdain gu h-àbhaisteach. Aig amannan bidh feum air uairean a bharrachd a dhèanamh agus gheibhear an ùine sin air ais tro shiostam TOIL na buidhne.

Tiotal: Manaidsear Leasachaidh

Àite: Port Righ no Inbhir Nis ach sùbailte a thaobh àite-obrach

Tuarastal: £38k – £43k

Ùine: Làn-ùine

Prìomh ghnìomhan na dreuchd seo

A’ coileanadh nam feumalachdan a leanas:

  • A’ stiùireadh Sgioba Leasachaidh na buidhne
  • A’ dèanamh measadh bhliadhnail le luchd-obrach agus a’ cur air dòigh targaidean dhaibh
  • A’ cur air dòigh pròiseactan ann an co-bhonn leis an sgioba leasachaidh; a’ cur ri chèile iarrtasan airgid agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach pròiseact a’ ruith a rèir slatan tomhais an ionmhais nan lùib.
  • A’ cur air dòigh tachartasan còmhnaidh cultarach leithid 5 Latha gach bliadhna
  • A’ cur air dòigh gnìomhan iomchaidh a-rèir plana prògram Fhèisean nan Gàidheal agus cùmhnantan le buidhnean eile
  • A’ stiùireadh na feise chiùil Bhlas leis a’ Cheannaird às leth Feìsean nan Gàidheal agus ag obair gu dlùth ri chunnradairean
  • A’ gabhail stiùir air gnìomhan co-cheangailte ri pròiseact Amplify
  • A’ cur ri chèile roinnean den Aithisg Bhliadhnail Fhèisean nan Gàidheal
  • A’ toirt a-steach maoin airson pròiseactan ro-innleachdail agus a’ measadh an dòigh sa bheil pròiseactan gan ruith
  • A’ measadh iarrtasan airson Stòras Leasachaidh Fhèisean nan Gàidheal
  • A’ stiùireadh am pròiseact Fuaran le taic bho Oifigearan Leasachaidh
  • Ag obair mar phrìomh oifigear do Fèisean
  • A’ dèiligeadh ri steidheachadh Fèisean ùra
  • A’ cur air dòigh pròiseactan eadar-Fèisean agus tachartasan taisbeanaidh

Gnìomhan eile

  • Pàirt a ghabhail ann an tachartasan gan cur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal, m.e. Cruinneachadh agus Coinneamh Bhliadhnail na buidhne, seiseanan trèanaidh is eile
  • Pàirt a ghabhail anns an t-siostam measaidh aig Fèisean nan Gàidheal
  • Measadh cunbhalach a dhèanamh air pròiseactan agus fiosrachadh a thional airson cùmhantan a choileanadh
  • A’ sgrìobhadh aithisgean adhartais cunbhalach airson coinneamhan den Bhòrd-stiùiridh
  • Riochdachadh nam Fèisean agus Fèisean nan Gàidheal mar a bhios iomchaidh.
  • Obair eile sam bith a thèid aontachadh bho àm gu àm taobh a-staigh crìochan na dreuchd seo

Sgilean pearsanta a tha a dhìth

  • Bu chòir do thagraichean a bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig, le comas labhairt agus sgrìobhaidh aig àrd ìre. Bidh cothroman trèanaidh ri fhaotainn airson sgilean sgrìobhaidh a neartachadh mar a bhios iomchaidh.
  • Tha sinn a’ sireadh tagradh bho dhuine sam bith aig a bheil eòlas, neo foghlam freagarrach, co-cheangailte ris an t-seòrsa obrach a tha seo
  • Bu choir ùidh a bhith aig tagraichean ann an obair nam Fèisean agus anns na h-ealain Ghàidhlig
  • Bu chòir comas a bhith aig tagraichean obair a chur air dòigh air an ceann fhèin, agus pròiseactan a thoirt air adhart, gun stiùir aig amannan.
  • Bidh eòlas air obair ann an raon coimhearsnachd gu math feumail
  • Bidh eòlas air obair coimpiutairean deatamach gu sònraichte prògraman Microsoft 365 ‘s bhiodh eòlas air Adobe Acrobat, InDesign, JotForm agus Photoshop buannachdail
  • Bu chòir cead-draibhidh a bhith aig tagraichean.

Bidh an tuarastal a’ tòiseachadh eadar £38k agus £43k. Cuiridh Fèisean nan Gàidheal 5% de thuarastal a-steach gu sgeama peinnsein na buidhne agus bidh àrachas-beatha ann a bheireadh trì uiread den tuarastal don theaghlach agaibh nan caillear ur beatha fhad ‘s a tha sibh aig obair don bhuidhinn. Thèid cosgaisean co-cheangailte ris an dreuchd a phàigheadh a thuilleadh air tuarastal. Feumaidh an neach a shoirbhicheas a dhol tro dheuchainn mar bhall den sgeama PVG aig Fèisean nan Gàidheal.

Bidh sinn a’ sireadh na leanas bho thagraichean:

  • Cunntas-beatha (CV) slàn (ann an Gàidhlig neo ann am Beurla)
  • Foirm-iarrtais air a lìonadh leis an fhiosrachadh air fad a tha a dhìth

Cuiribh foirmean agus cunntas-beatha gu Anne Willoughby, Manaidsear Gnìomha, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a’ Mhill, Port-Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ neo air post-d gu anne@feisean.scot ro 5f, Dihaoine 23 Cèitean.

Airson cothrom conaltraidh gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun dreuchd, leigibh fios gu Calum Macmhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, air 01463 225559 no calum@feisean.scot

FEUMAIDH IARRTASAN A BHITH AGAINN RO 5f, DIHAOINE 23 CÈITEAN 2025.

Thèid agallamhan a’chumail air Dihaoine 30 Cèitean.

‘S e fastaiche co-ionnanachd chothroman a tha ann am Fèisean nan Gàidheal dealasach a thaobh Obair Chothromach

Tha Fèisean nan Gàidheal riamh air a bhith faiceallach a’ dèiligeadh ri fiosrachadh agus ga dhìon. Chithear fios mu phrìobhaideachd tron cheangal seo agus bu chòir dhuibh innse dhuinn mur eil sibh airson conaltradh rinn tro phost-d tuilleadh le bhith a’ cur freagairt don seòladh seo, no le fios a chur gu Oifigear Dìon-Dàta na buidhne tro dpo@feisean.org.

Sign up for Musicians’ Opportunities Email

* indicates required

Distil is supported by PRS Foundation’s The Open Fund for Organisations

Logo
  • Facebook
  • Instagram
  • Twitter
  • YouTube
SoundCloud
Hands Up for Trad, PO Box 3486, Glasgow G62 9DD Log in