This is a job advert for a Development Officer with MG ALBA. An exciting and challenging opportunity has arisen for an ambitious individual to join the MG ALBA Development Team.
This is a new post, jointly funded by HIE, and the successful candidate will work with MG ALBA and independent companies in Western Isles and Skye to research and develop ideas and collaborative opportunities to deliver internationalisation of content producers. Flexibility is offered in terms of location, and the post holder may be based in Stornoway, Skye, or Uist.
Location: Highland, Na h-Eileanan Siar
For further information, please contact claire.macleod@mgalba.com (CLAIRE MACLEOD), or call 01851 707219 , or visit http://www.mgalba.com/about/vacancies/index.html
The deadline is Tuesday 14 February 2017 at 17:00.
Oifigear Leasachaidh
Tuarastal £26,462 – £30,098 (Ìre C3) gach bliadhna + peinnsean
Cùmhnant ùine-shuidhichte 12 mìosan, 37 uairean san t-seachdain
Tha cothrom air leth air èirigh airson neach adhartach a thighinn a dh’obair le Sgioba Leasachaidh MG ALBA.
’S e obair ùr a tha seo, air a mhaoineachadh ann an co-bhoinn ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE). Bidh an neach soirbheachail ag obair le MG ALBA agus na companaidhean neo-eisimeileach sna h-Eileanan an Iar agus san Eilean Sgitheanach, gus beachdan agus cothroman co-obrachaidh a rannsachadh agus a leasachadh gus cur ri eadar-nàiseanachadh nan companaidh. Tha sùbailteachd ann a thaobh suidheachadh na h-obrach agus faodaidh an obair a bhith stèidhichte ann an Steòrnabhagh, an t-Eilean Sgitheanach no Uibhist.
A thuilleadh air eòlas dearbhte sna meadhanan Gàidhlig, bu chòir sgilean làidir coimeirsealta a bhith aig an neach agus an comas dàimhean-obrach làidir àrach taobh a-staigh na roinne agus am measg luchd-ùidhe. Bhiodh eòlas air margaidh nam meadhanan gu h-eadar-nàiseanta na bhuannachd.
Tha comas a bhith ag obrachadh gu sùbailte agus a bhith a’ siubhal tric deatamach. Tha comas agus miann a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig deatamach san obair agus ’s i a’ Ghàidhlig cànan-obrach na h-oifis.
Ma tha ùidh agad san obair seo, gheibh thu dealbh-obrach agus fios mun phròiseas iarrtais air làrach-lìn na buidhne aig http://www.mgalba.com/about/vacancies/index.html
Gus iarrtas a chur a-steach, cuir do chunntas-beatha le litir na chois a’ mìneachadh mar a tha thu a’ coinneachadh ri iarrtasan na h-obrach.
Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, air 01851 707219 no aig claire.macleod@mgalba.com.
Bu chòir tagraidhean foirmeil a bhith a-staigh ro 5f, Dimàirt 14 Gearran 2017.